Fear-motorbaidhseagail ga thogail dhan ospadal

  • 23 An Cèitean 2017

Chaidh fear-motorbaidhseagail a thogail dhan ospadal madainn Diluain an dèidh tubaiste eadar am baidhg aige agus càr air Taobh Siar Rois.

Thachair an tubaist air an A832 faisg àite-seallaidh Ghruinneard mu 10:30m.

Thugadh an duine a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis airson cùram fhaighinn.

Chan eil fiosrachadh ann mun staid anns a bheil e.