Nighean à Barraigh air a droch ghoirteachadh

  • 23 An Cèitean 2017
Eilidh NicLeòid agus Laura Nic an t-Saoir Image copyright Mairead NicNèill

Chaidh tè à Barraigh a bha a dhìth às dèidh na h-ionnsaigh ann am Manchester oidhche Luain fhaighinn air a droch ghoirteachadh agus tha a caraid fhathast a dhìth.

Chaidh fiosrachadh iarraidh air na meadhanan sòisealta mu Eilidh NicLeòid, 14, à Bàgh a' Chaisteil, agus Laura Nic an t-Saoir, 15, à Lèinis.

Thàinig fios oidhche Mhàirt gun deach lorg fhaighinn air Laura Nic an t-Saoir anns an ospadal, 's i air a droch ghoirteachadh.

Thuirt labhraiche às leth Chomhairle nan Eilean Siar gu bheil an smuaintean le teaghlaichean an dithis nighean.

Chaidh 22 duine a mharbhadh agus 59 a leòn nuair a spreadh boma fèin-mhairbhteach ann am fosglan a' Mhanchester Arena far an robh cuirm-ciùil aig Ariana Grande ga cumail.