Iarrtas foghlaim Ghàidhlig ga dhiùltadh

  • 23 An Cèitean 2017
Foghlam Gàidhlig

Tha ceistean air nochdadh mu Achd ùr an Fhoghlaim às dèidh mar a chaidh a' chiad iarrtas 'son foghlaim Ghàidhlig tron achd a dhiùltadh.

Chuir pàrantan ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear cha mhòr 50 ainm air adhart, ach thuirt a' Chomhairle ionadail nach robh iarrtas gu leòr ann.

A rèir Magaidh Wentworth bho Chomann nam Pàrant, mura soirbhich le iarrtas ann an suidheachadh mar seo, tha glè bheag de dhòchas ann 'son sgìrean eile.

"An rud a bhios a' tachairt an seo, bidh e a' bualadh air a h-uile pàrant a tha a' dol a dhèanamh iarrtais dha ùghdarras ionadail airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt i.

"Tha e cudromach gum bi sinn dìreach ag argamaid an aghaidh a' cho-dhùnaidh a tha seo - co-dhùnadh a tha sinne a' smaoineachdainn a tha ceàrr.

"Mura faigh pàrantan an seo foghlam tro mheadhan na Gàidhlig chan eil mòran dòchais ann an sgìrean eile.

"Anns an dòigh sin tha e uabhasach cudromach gum bi a h-uile duine againn ann an saoghal na Gàidhlig a' togail ceist a thaobh a' cho-dhùnaidh a tha seo," thuirt i.

Thuirt Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear gun do rinn iad measadh, is nach robh iarrtas gu leòr ann 'son foghlaim tron Ghàidhlig.

Chaidh Bòrd na Gàidhlig às àicheadh gu bheil laigsean ann an Achd an Fhoghlaim, is thuirt iad gun dèan iad rannsachadh air suidheachadh Siorrachd Rinn Friù an Ear.