Atharraichean aig Ross County

  • 23 An Cèitean 2017
Pòl Quinn Image copyright SNS
Image caption Tha Paul Quinn am measg na tha a' fàgail Ross County.

Dh'innis Ross County gu bheil cuid de na cluicheadairean aca a' fàgail a' chluba is gu bheil iad deònach feadhainn eile a leigeil air falbh.

Cha tèid cùmhnantan a thoirt do Phaul Quinn, Jonathan Franks, is Oscar Gobern.

Thàinig Quinn gu County an toiseach ann an 2014, ged a chuir e sia mìosan seachad còmhla ri Obar Dheathain ann an 2015 mus do thill e dh'Inbhir Pheofharain.

Chuir Jonathan Franks dà bhliadhna seachad le County às dèidh dha gluasad bho Hartlepool ann an 2015.

Cha robh Oscar Gobern ann an Inbhir Pheofharain ach 'son beagan mhìosan, is cha do nochd e air a' phàirc ach aon turas.

Dh'innis Ross County cuideachd gum faodadh Ian McShane agus Martin Woods - a tha fo chùmhnant - an cluba fhàgail.

Chaidh cùmhnantan ùra a thabhainn air Kenny Van Der Weg, Tony Dingwall, is Chris Burke.

Tha feadhainn bho sgioba òigridh Chounty cuideachd air an t-slighe a-mach às a' chluba.

'S iad David Brownlie, Chris McLaughlin is Matt Hall.