Cead ga dhuiltadh son foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dhiùlt Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear iarrtas bho phàrantan airson foghlam Gàidhlig

22 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dhiùlt Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear iarrtas bho phàrantan airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre, 's iad ag ràdh nach eil iarrtas gu leòr ann.

'S e seo a' chiad turas a chaidh Achd an Fhoghlaim a' chleachdadh airson iarrtas a dhèanamh do dh'ùghdarras ionadail, 's fhuair pàrantan faisg air 50 ainm.

Tha pàrantan den bheachd nach do lean a' chomhairle am pròiseas mar a bu chòir 's iad an dùil tagradh a dhèanamh.

Tha a' chomhairle a' dol às àicheadh sin. Tha Caitriana Deeprose ag aithris.