A' gluasad air adhart?

  • 22 An Cèitean 2017

Don tè a ghairm e, tha cothrom mòr an luib an taghaidh seo.

Bha Theresa May an dòchas gun toireadh laigse nan Làbarach anns na cunntasan-bheachd cothrom dhi cur ris a' mhor-chuid a dh'fhàgadh dhi le Dàibhidh Camshron.

Ach ma thèid leatha air an ath mhìos, gheibh i an cothrom gluasad air adhart bho linn Dhàibhidh is Sheòrais, agus cuid de na gealltanasan agus mearachdan a rinn iad a chur don dàrna taobh.

Is e sin a dh'fheuch i a dhèanamh anns an fhoillseachan a chuireadh air beulaibh an t-sluaigh aig deireadh na seachdain.

Anns an ro-ràdh, chuir i astar eadar i fhèin agus an fheadhainn a thàinig roimhpe.

Agus, a' cheart am, eadar i fhèin agus na dùbhlanaich a bu toil leotha a h-àite a ghabhail.

Dearbhadh

Chaidh am prìomhaire às àidhcheadh gun robh a leithid de dh'fheallsanachd ri Mayism ann.

Ach chuir i i fhèin anns a' mheadhan, eadar Jeremy Corbyn air an làimh chlì agus George Osborne air an làimh dheis.

(Theirear gur ann bhon mheadhan a thèid taghadh a bhuannachadh).

Mar sin, ged a tha Theresa May fhathast airson is gun tèid cur às don bheàrn eadar na thèid a chosg is a chosnadh, chaidh an ceann-latha airson sin a chur air ais gu 2025.

Roimhe sin, ann an 2020, tha i airson 's gun ruig a' bhun-tuarsadail 60% den teachd-a-steach chuibheasach.

Is ann le gnìomhan den t-seòrsa sin, tha Mrs May airson dearbhadh gu bheil i air taobh nan daoine àbhaisteach.

Dùbhlain

Ach bha duilgheadas anns an fhoillseachan seo seach duaisean a-mhàin.

A' gealltainn gum bitheadh i "onarach" leis an luchd-bhòtaidh mu na bha air fàire, thuirt am prìomhaire gun robh dùbhlain mhòra romhainn, còmhradh Brexit nam measg.

Dhearbh i, mar eisimpleir, nach èirigh peinsean na stàit le 2.5% gach bliadhna ach a rèir na h-atmhorachd agus an teachd-a-steach chuibheasach a-mhàin.

Agus ged a gheall i nach deigheadh VAT a thogail, chaidh cur às do ghealltanas 2015 a' chìs cosnaidh agus an t-àrachas nàiseanta a chumail reòite.

Tha sin a' fàgail dà rud soilleir - anns a' chiad dol a-mach is coltach gu bheil Mrs May a' creidsinn gum faodadh a leithid de dh'àrdachadh a bhith a dhìth anns na còig bliadhna a tha romhainn.

Agus, tha i a' faireachdainn misneachail gu leòr mu thoradh taghadh na h-Òg-mhios sin a chur am follais mus tèid sinn chun nam bogsaichean-baileit.

Roghainn

Anns an dreach Albannach a dh'fhoillsicheadh Dihaoine tha Ruth Davidson a' togail air faclan a' phrìomhaire mun "aonadh phrìseil" eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte.

Tha an dithis a' cumail a-mach gu bheil iad gu daingean an aghaidh na neo-eisimeileachd agus an aghaidh reifrinn eile air a' cheist.

Cha do dhùin iad an doras builleach ge-tà, a' cumail ris an loidhne nach e seo "an t-àm ceart" airson a cur a-rithist.

(Anns an dol seachad, is coltach nach eil mòran a-nis eadar an dà riaghaltas às dèidh mar a thuirt Nicola Sturgeon gum bu chòir roghainn a bhith ag Albannaich aig "deireadh" pròiseas Brexit).

Ach tha iad an dùil gum biodh sin gu leòr luchd an Aonaidh ann an Alba a thaladh thuca.

Chì sinn, ann an ùine nach bi fada.