Bhàsaich duine aig cuaraidh air Ghàidhealtachd

  • 22 An Cèitean 2017

Tha na Poilis agus Buidheann-Ghnìomha na Slàinte 's na Sàbhailteachd a' sgrùdadh bàs fireannaich aig cuaraidh air Taobh Siar Rois.

Bhàsaich am fireannach, 35 bliadhna de dh'aois, aig Cuaraidh Chiseòirn Diciadain.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach aig 11:20m Diciadain.

Chaidh iomairt air-loidhne a thòiseachadh airson pàigheadh airson adhlacadh an duine.

Tha e air ainmeachadh air-loidhne mar Pawel Kocik, is chaidh a ràdh gu bheil leanabh aige.

Thuirt Poilis na h-Alba gun tèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.