ICT sìos

  • 22 An Cèitean 2017
Iain Vigurs agus Gary Warren Image copyright SNS Group

Gun ach dà bhliadhna bho bhuannaich iad Cupa na Alba agus bho chrìochnaich iad anns an treas àite ann am Prìomh Lìog na h-Alba, tha Caley Thistle Inbhir Nis a' dol sìos dhan Championship.

Bha dòchas ann ron gheama Disathairne, leis gum faigheadh ICT play-off nam buannaicheadh iad agus mura faigheadh Hamaltan trì puingean às a' gheama aca-san.

Ach, chrìon an dòchas mar a thàinig fios air fònaichean agus rèidiothan à Hamalton, agus bha luchd-leantainn Chaley Thistle nan tost nuair a chaidh an dàrna tadhal aig Hamaltan a-steach.

Sluagh mòr

Bha tòrr an làthair - 5,351 - agus chunnaic iad trì tadhail bho ICT ann an ùine ghioirid anns an dàrna leth.

Chrìochnaich e 3-2, ach chuir Hamaltan ceithir gun freagairt an aghaidh Dhùn Dè.

Às dèidh làimh, bha cuid den luchd-leantainn a' togail fianais agus ag èigheachd gum bu chòir am bòrd a' bhròg fhaighinn.

Bidh iad a-nis an dòchas gum faigh iad air ais suas ann an aon bhliadhna, mar a rinn iad ann an seusan 2009-2010.

Tha 13 bliadhna bho fhuair Caley Thistle Inbhir Nis dhan Phìomh Lìog a' chiad turas, agus b' e 2009 an aon turas - chun an seo - a chaidh iad sìos.

Foran

Dh'fhaodadh gum bi e nas doirbhe faighinn a-mach às an Championship an turas seo ge-tà, ach tha am manaidsear, Richie Foran, airson a dhreuchd a chumail agus feuchainn ri sin a dhèanamh.

Bha e ag ràdh: "Bhruidhnidh mi ris a' bhòrd Diluain no Dimàirt.

"Tha mi 100% air cùlaibh a' chluba.

"Gheibh sinn a-mach Diluain no Dimàirt dè na beachdan a th' aig a' bhòrd, ach tha làn dùil agam gum bi mi an seo.

"Feumaidh rudan atharrachadh air a' phàirc agus far na pàirce.

"Dh'iarrainn sguad na bu lugha, bha còir agam a bhith air faighinn cuidhteas dhà no thrì droch iseanan ach cha do rinn mi sin.

"Feumaidh mi coimhead rium fhìn cuideachd - cha do rinn mi math gu leòr.

"Cha do rinn na cluicheadairean math gu leòr a bhàrrachd, ach rinn iad an dìcheall agus rinn mise mo dhìcheall."