Manifesto Albannach nan Làbarach

  • 22 An Cèitean 2017
Kezia Dugdale Image copyright PA
Image caption Thuirt Ceannard nan Làbarach ann an Alba, Kezia Dugdale, gum adhbharaicheadh referendum eile air neo-eisimeileachd sgaraidhean.

Dearbhaidh am Pàrtaidh Làbarach an Alba nach cur iad an taic a chaoidh ri neo-eisimeileachd anns a' mhanifesto aca.

Canaidh am manifesto, a thèid fhoillseachadh an Dùn Èideann, gu bheil am pàrtaidh a' tabhainn "dòchais agus fuasglaidhean ùra" airson trioblaidean na dùthcha.

Chuir Ceannard nan Làbarach an Alba, Kezia Dugdale, às leth Riaghaltas an SNP aig Holyrood gu bheil neo-eisimeileachd nas cudromaiche dhaibh na bhith a' riaghladh na dùthcha.

Dh'iarr i air an SNP spèis a thoirt do bhuil an referendum ann an 2014.

Nas làidire còmhla

Ann an ro-ràdh a' mhanifesto, sgrìobh Kezia Dugdale gu bheil sinn nas làidire còmhla agus gu bheil am pàrtaidh an aghaidh referendum eile air neo-eisimeileachd a dh'adhbharaicheadh sgaraidhean.

Bha i ag ràdh: "Chan e neo-eisimeileachd a dhèiligeas ri cor truagh na h-eacomamaidh no ri seirbheisean poblach".

Tha am manifesto ag ràdh nach eil feum air referendum eile agus nach eil daoine ga iarraidh agus gum bi am Pàrtaidh Làbarach a' strì gu làidir airson Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte.

"Feumaidh an SNP spèis a thoirt do thoil a' mhòr-chuid de dh'Albannaich ann an 2014, agus am planaichean airson referendum eile a leigeil seachad," tha e ag ràdh.

Tha na Tòraidhean, a chuir na Làbaraich dhan treas àite ann am Pàrlamaid na h-Alba, air a bhith ag iomairt gu cruaidh an aghaidh referendum eile.

"Atharrachaidhean mòra"

Bidh sreath de gheallaidhean eile anns a' mhanifesto a' gealltainn "atharrachaidhean mòra" an Alba.

Bhiodh iad, am measg eile, airson clubaichean breacaist nam bun-sgoiltean a leudachadh, chuireadh iad casg air fracadh air tìr agus bhiodh iad airson cur às de dh'Achd Droch Ghiùlain a' Bhuill-coise.

B' e aon bhall a fhuair a-steachd dha na Làbaraich aig an Taghadh Choitcheann mu dheireadh ann an 2015.

Tha am Pàrtaidh Làbarach anns a' mhanifesto aca airson na Rìoghachd Aonaichte cuideachd ag ràdh gu bheil iad an aghaidh neo-eisimeileachd.

Foillsichidh an SNP am manifesto aca Dimàirt.