Seann cheannard sgoile sa chùirt

  • 22 An Cèitean 2017
Abaid Chille Chuimein

Nochd fear a b' àbhaist a bhith na cheannard air sgoil-chòmhnaidh Chaitligich air Ghàidhealtachd sa chùirt fo chasaid gun tug e ionnsaighean air balaich ris an robh e an urra.

Tha An t-Ath. Benedict Seed, 83, fo chasaid gun tug e ionnsaighean air ochdnar sgoilearan aig Sgoil Abaid Chille Chuimein, a tha a-niste dùinte, fhad 's a bha e ag obair ann sna 1970an agus 80an.

Chuala Cùirt an t-Siorraim an Inbhir Nis gun do bhuail e balaich le caman hogaidh, agus le bròg ghoilf le bioran air a bonn, am measg eile.

Tha an t-Ath. Seed, a tha a' nochdadh sa chùirt fon ainm bhreithe aige, Thomas Michael Seed, a' dol às àicheadh nan casaidean air fad.

Tha dùil gun lean a' chùis sa chùirt, fon t-Siorram Gòrdan Fleetwood, le diùraidh naoinear fhireannach agus sianar bhoireannach, tron t-seachdain seo.

Diluain, chuala an diùraidh bho Phol Curran, 50, a bha na sgoilear san sgoil, agus a tha an-diugh ag obair na mharsanta ann an Hong Kong.

Dh'innis esan don chùirt gun deach peanasachadh corporra a chleachdadh "gu bitheanta" nuair a thòisich esan san sgoil aois 11 ann an 1977, ach gun robh eagal air a leantainn na bheatha ron Ath. Seed, a bh' air "a chuid aislingean a thathaich iomadh bliadhna" an dèidh dha an sgoil fhàgail.

Dh'innis e mu uair a bha am flù air, agus a chuala an t-Ath. Seed e ri giudhachain ri balach eile san t-seòmar chadail. Thuirt e gun tàinig "an caothach dearg tioram" air an Ath. Seed, agus gun do "chuir e a làmh ri cùl m' amhaich, 's shlaod e às mo leapa mi chun na h-oifis aige".

Thuirt e ris a' chùirt gun robh an t-Ath. Seed, a bha "uabhasach feargach", an uair sin air a bhualadh, ga bhualadh grunn thursan air a làmhan 's a dhà chaol-dùirn, gus an do leig e fuil.

Thuirt Mgr Curran "cha b' e peanasachadh corporra a bha seo, ach ionnsaigh a thugadh leis a' chaothach".