Dragh mu chall-cosnaidh am Baile a' Mhanaich

  • 22 An Cèitean 2017
QinetiQ Image copyright QinetiQ

Tha dragh ann an Uibhist gum faodadh feadhainn an cosnadh a chall nuair a thig lùghdachadh as t-Fhoghar air a' Champa an Iar ann am Baile a' Mhanaich.

Chaidh fhoillseachadh air an 2na là den Dùbhlachd an-uiridh gun robh leasachadh mòr ga dhèanamh aig Raon nan Rocaidean.

Thèid £60m a chosg air sin thairis air trì bliadhna, leis a' chuid mhòir den airgead ga chosg air teicneòlas ùr.

Tha dùil gun tòisich an obair sin san Damhair am-bliadhna.

Còmhraidhean

Aig a' cheart àm, dh'innis QinetiQ, a tha a' ruith Raon nan Rocaidean, gum bi a' chompanaidh a' cur bhuapa a' chuid mhòir den làrach ann am Baile a' Mhanaich - an Campa an Iar.

'S ann ann a bhios saighdearan a' fuireach agus nuair a bhios feachdan ann an Uibhist airson trèanadh aig an raon.

Thathas a' tuigsinn gu bheil QinetiQ a' cumail trì àiteachan còmhnaidh ann, agus gun tèid an còrr den Champa an Iar a thilleadh gu Ministearalachd an Dìon (MoD).

Tha a' chompanaidh Elior, a tha a' dèanamh sheirbheisean glanaidh agus cocaireachd do QinetiQ, a' beachdachadh an-dràsta fhèin air na bhios a dhìth orra an dèidh sin.

Thathas a' tuigsinn gu bheil mu 20 duine ag obair aig Elior ann am Baile a' Mhanaich.

Thuirt QinetiQ gu bheil Elior ag obair gus dearbhadh dè na goireasan air am bi feum aca airson an goireas a bhios air a lùghdachadh a stiùireadh.

Thathas a' tuigsinn gur e sin an àireamh luchd-obrach a bhios a dhìth aig an làraich.

Thuirt QinetiQ nach eil iad air duine den luchd-obrach aca a phàigheadh dheth, ach gu bheil iad ann an còmhraidhean le aon neach-obrach mun dreuchd aca san àm ri teachd.

Thathas a' tuigsinn gur e manaidsear nan goireasan aig a' Champa an Iar an neach-obrach sin.

Nuair a dh'innis QinetiQ gum biodh a' chuid mhòr den Champa an Iar ga chur bhuapa, thuirt iad gum faodadh sin buaidh a thoirt iar mu shianar luchd-obrach.