"Cion misneachd" ann an glèidhteachas mara

  • 22 An Cèitean 2017
Creachannan-teine Image copyright Chris Rickard

Tha Caidreachas Iasgairean na h-Alba ag ràdh gu bheil freagairt an Riaghaltais ri milleadh air rìof àraid ann an Loch Carrann, a' nochdadh "cion misneachd".

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil gnìomh èiginneach a chuir Ministearan an sàs, a' lagachadh earbsa ann an glèidhteachas mara.

Chaidh an rìof de chreachannan-teine a mhilleadh le soitheach a bha a' dreidseadh chreachann.

Chomharraich Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choinneagan, an uair sin 16 cilemeatar ceàrnagach de Loch Carrann mar Sgìre Ghlèidhte Mhara (MPA).

Thuirt a' bhuidheann ghlèidhteachais Open Seas nach eil gnìomh an Riaghaltais a' dol fada gu leòr, agus iadsan ag iarraidh gun tèid dreidseadh chreachann a chasg trì mìle a-mach bho chladaichean na h-Alba.

Tha Caidreachas Iasgairean na h-Alba air dragh a thogail mun phròiseas ge-tà, 's iad air litir a chur gu Roseanna Choinneagan, agus gu Rùnaire nan Gnothaichean Dùthchail, Fearghas Ewing.

Anns an litir thuirt iad gun robh còig rìofan coltach ris an fhear a chaidh a mhilleadh dùinte do dhreidseadh mar thà, 's gur e a tha fa-near do sgìrean MPA ach eisimpleirean de dh'àrainn tearc a ghlèidheadh, seach a h-uile gin dhiubh.

Thuirt iad cuideachd gun robh an gluasad na bharantas de facto air cion misneachd ann am pròiseas nan Sgìrean Glèidhte Mhara.

Tuilleadh air an sgeulachd seo