Tommy Ros air bàsachadh

  • 19 An Cèitean 2017
Tommy Ross Image copyright PETER JOLLY/NORTHPIX
Image caption Tommy Ros le aithris phàipear-naidheachd mun hat trick aige.

Tha am fear a fhuair an hat trick a bu luaithe ann an eachdraidh a' bhuill-choise, Tommy Ros, air bàsachadh aois 71.

Stèidhich Mgr Ros Clàr Cruinne Guinness airson hat trick ann an geama eadar Ross County agus Nairn County ann an 1964, aig aois 18.

'S ann às an Inbhir, faisg air Baile Dhùbhthaich, a bha Tommy Ros.

Thòisich e a' cluich ball-coise airson Ross County ann an 1961 nuair a bha e 15.

'B ann trì bliadhna às dèidh sin a rinn e an rud a choisinn dha àite anns na leabhraichean eachdraidh, le trì tadhail ann an 90 diog airson Ross County an aghaidh Nairn County.

'S e sin fhathast an hat trick a bu luaithe a bha riamh ann.

Chaidh Tommy gu deas far an do chluich e airson York is Wigan, mus do thill e dhachaigh gu tuath le Brora Rangers.

Às dèidh dha sguir a chluich, dh'obraich e ann an garraidhean mòra Bhàgh an Eige is Àird nan Saor.

Bha e cuideachd na mhanaidsear air sgioba ball-coise St Duthus, far a bheil dithis de na balaich aige a-nise a' stiùireadh chùisean.

'S e an cluba a dh'innis gun do bhàsaich Tommy Ros, aois 71.