Tòraidhean a' gealltainn "seasamh aig an SNP"

  • 19 An Cèitean 2017
Theresa May agus Ruth Davidson Image copyright Getty Images

Gheall am Prìomhaire, Theresa May, agus ceannard Albannach nan Tòraidhean, Ruth Davidson, gun seas am pàrtaidh aig an SNP, agus iad a' foillseachadh manifesto Albannach nan Tòraidhean ann an Dùn Èideann.

Dh'innis Ms Davidson dhan luchd-èisteachd gur ann mu bhith "a' cur an SNP fo smachd" a bha an taghadh air an 8mh là den Ògmhios.

Thuirt a' Bh-Ph. May nach robh ach na Tòraidhean comasach air seasamh aig an SNP.

Dh'fhoillsich Ms Davidson a cuid mholaidhean là às dèidh don Phàrtaidh Thòraidheach aig ìre na RA am manifesto acasan fhoillseachadh.

"Taic an t-Sluaigh"

Tha na Tòraidhean dòchasach gun tèid aca air adhartas a dhèanamh ann an Alba aig an taghadh, 's iad air suidheachain a bharrachd fhaighinn ann an taghadh nan ùghdarrasan ionadail sa Chèitean. Bhuannaich am pàrtaidh dìreach aon suidheachan an Alba anns an Taghadh Choitcheann ann an 2015.

Tha dùil gun tèid manifestothan nam pàrtaidhean poileataigeach eile ann an Alba fhoillseachadh an ath-sheachdain.

Thòisich a' Bh-Ph. May a h-òraid 's i ag ràdh gun robh "aon cheist, agus dìreach aon cheist" a' sònrachadh an taghaidh seo - "cò as urrainn ar stiùireadh tro Bhrexit agus aonta fhaighinn a dh'obraicheas dhan RA air fad?".

Mhìnich i: "'S e am manifesto seo am plana agam airson Aonadh nas làidire agus Breatainn nas fheàrr. Am plana agam airson dùthaich a chruthachadh a dh'obraicheas dhan a h-uile duine, seach dhan bheag-chuid bheartach a-mhàin".

Thuirt i gun robh dùbhlain air thoiseach, ach gun robh i den bheachd gun robh "prògram creideasach, so-lìbhrigte aice airson riaghladh, mun tig an dùthaich air fad còmhla".

"Ao-coltach ris na tha pàrtaidhean eile a' tabhainn, tha sinne onorach le muinntir Bhreatainn mu mheud na h-euchd a tha romhainn.

"Oir tha ceannas a' ciallachadh a bhith ionraic le daoine mu na dùbhlain a th' air thoiseach, agus mun obair chruaidh a tha a dhìth airson faighinn seachad orra."

Chaidh i air adhart gus ionnsaigh a thoirt air an SNP, 's i a' fàgail air a' phàrtaidh gu bheil iad air daoine òga na h-Alba a leigeil sìos ri linn 's gu bheil iad "air an dalladh agus beò-ghlacte le neo-eisimeileachd".

Air duilleadh 34 de mhanifesto Albannach nan Tòraidhean, tha sgrìobhte "chan e seo an t-àm" airson referendum eile, agus airson fear a chumail;

  • feumaidh pròiseas Bhrexit a bhith ullamh
  • agus cha bu chòir dha tachairt "mura h-eil taic an t-sluaigh ann air a shon".