Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Julian Assange

Tha luchd-casaid anns an t-Suain air innse gu bheil iad air an sgrùdadh èigneachaidh an aghaidh Julian Assange a dhùnadh. Tha seachd bliadhna bho thòisich iad a' sgrùdadh an aghaidh Mhgr Assange, a stèidhich Wikileaks. Tha Julian Assange air a bhith a' fuireach ann an Ambasaid Ecuador ann an Lunnainn bho 2012, agus feagal air gun deadh a chur dhan t-Suain.

Rolf Harris

Chaidh am preasantar telebhisein Rolf Harris a shaoradh às a' phrìosan. Fhuair Mgr Harris, 87, am prìosan ann an 2014. Tha cùis-lagha na aghaidh ann an Lunnainn an-dràsta, 's e fo chasaid gun tug e ionnsaighean drabasta air clann-nighean a bha nan deugairean anns na 70an 's na h-80an.

Ian Brady

Thuirt Comhairle Bhaile Ghlaschu gun diùlt iad iarrtas sam bith airson dust a' mhurtair Ian Brady a thoirt gu luathrachan anns a' bhaile. Bha iad cuideachd ag ràdh gun diùltadh iad iarrtas airson an luath aige a sgaoileadh an Glaschu. B' ann an Glaschu a rugadh Brady, a mhuirt còignear chloinne anns na 60an, còmhla ris an leannan aige Myra Hindley.

Drabastair

Tha dùil gun tèid binn prìosain a chur air fear à Uibhist air an ath-mhìos agus e air fhaighinn ciontach de dh'ionnsaighean drabasta air cloinn. Chaidh Seumas MacLachlainn, à Uibhist a Deas, fhaighinn ciontach de ghrunnan ionnsaighean, èigneachadh nam measg, air còignear chloinne eadar 1989 agus 2001.

An Taghadh

Chuir am Pàrtaidh Làbarach às leth Theresa May gu bheil i ag iarraidh "seic bhàn" bhon luchd-bhòtaidh airson an taghaidh. Tha an Seansalair Dùbhlannach, John McDonnell, ag ràdh nach eil na Tòraidhean air innse ciamar a phàigheas iad airson nam poileasaidhean a nochd sa mhanifesto aca an-dè. Bha e cuideachd a' càineadh a' phlana aca airson pàigheadh connadh a' Gheamhraidh a thoirt air falbh bho chuid de luchd-peinnsein.

Loch Carrann

Chaidh casg a chur air iasgairean bho a bhith a' dreidseadh airson chreachann ann an loch air taobh siar Rois. Chaidh an casg èiginneach a chur air bhonn às dèidh rannsachaidh air milleadh a chaidha dhèanamh air rìof ann an Loch Carrann.