Grunnd Loch Carrann ga dhìon

  • 19 An Cèitean 2017
Creachannan-teine Image copyright Chris Rickard
Image caption Creachann-teine marbh (clì) an coimeas ri fear beò (deas).

Chaidh casg a chur air iasgairean a bhith a' dreidseadh airson chreachann ann an Loch Carrann.

Tha an casg ga chur an sàs le Riaghaltas na h-Alba às deidh mar a chaidh milleadh mòr a dhèanamh air rìof neo-àbhaisteach de chreachannan-teine anns an loch.

Thuirt luchd-glèidhteachais gun robh iad air an uabhasachadh nuair a thàinig e am bàrr air a' mhìos a dh'fhalbh gun robh dreidsear air cron a dhèanamh air rìof nan creachann-teine faisg air a' Phloc.

Cho-dhùin luchd-sgrùdaidh bho SNH, ged a chaidh milleadh mòr a dhèanamh air, gun robh cothrom aig an rìof tighinn bhuaithe seach gun robh pàirt dheth nach deach a sgrìobadh.

Tha Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Chonnigean, a-niste air òrdan a thoirt seachad airson an làrach a chomharrachadh mar Sgìre Ghlèidhte Mhara - a' ciallachadh nach urrainn do dh'iasgairean a bhith ga dhreidseadh.

Ach tha a' bhuidheann ghlèidhteachais Open Seas ag ràdh nach eil seo a' dol fada gu leòr.

Tha iadsan ag iarraidh gun tèid casg a chur air dreidseadh chreachann trì mìle a-mach bho chladaichean na h-Alba.