Uibhsteach ciontach de dh'ionnsaighean drabasta

  • 19 An Cèitean 2017
Seacaid Phoilis

Chaidh fear à Uibhist fhaighinn cionntach de dh'ionnsaighean drabasta aig cùirt ann an Glaschu.

Chuala a' chùirt gun tug Seumas MacLachlainn à Uibhist a Deas sreath de dh'ionnsaighean-feise air cloinn òig thairis air dusan bliadhna.

Chuala an Àrd-Chùirt ann an Glaschu gun tug MacLachlainn, 49, ionnsaighean feise air còignear chloinne eadar 1989 agus 2001.

Chaidh a dhiteadh air sreath de chasaidean: gun do dh'èignich e nighean-sgoile nuair a bha i 14; gun tug e ionnsaigh air nighean eile a bha eadar 12 agus 14; agus gun tug e ionnsaigh feise air tè a bha eadar 7 agus 10 bliadhna de dh'aois.

Chaidh a dhiteadh cuideachd air casaidean gun tug e ionnsaighean air dithis bhalach - fear a bha na dheugaire agus fear eile a bha dìreach sia bliadhna de dh'aois.

Thèid binn a chur air MacLachlainn air an ath-mhìos, ach dh'innis am britheamh, am Morar Beckett, dha gum faodadh dùil a bhith aige ri ùine mhòir sa phrìosan.