Còmhraidhean mu stailc òraidichean

  • 19 An Cèitean 2017
Òraidichean air stailc

Thèid còmhraidhean a chumail Dihaoine ann an oidhirp stad a chur air stailc trì là a tha san amharc aig òradaichean colaiste an ath-sheachdain.

Tha eas-aonta a' leanntainn air feadh na h-Alba agus òraidichean mì-thoilichte nach deach aonta pàighidh bho an-uiridh a chur an sàs fhathast.

Thuirt na colaistean nach urrainn dhaibh sin a dhèanamh gus an tèid aontachadh ris na th' anns na cùmhnantan.

'S e seo am buaireadh nàiseanta as motha a th' air a bhith ann am foghlam an Alba ann an 30 bliadhna.

Tha òradaichean colaiste air a bhith air stailc sia tursan mar thà - agus tha dùil gum bi barrachd stailcean ann an ath-sheachdain.

Tha Riaghltas na h-Alba air cudeigin a chur an sàs anns na còmhraidehan ann an oidhirp aonta a ruighinn, ach tha an Riaghaltas ag ràdh nach deadh aonta a sparradh orra.

Tha dùil, mura tèid adhartas sam bith a dheànamh Dihaoine, gun tèid stailc eile fad trì là air adhart.

Tha dragh air cuid de dh'oileanaich mun bhuaidh a dh'fhaodadh seo a thoirt air mar a thèid dhaibh anns na deuchainnean aca.