Fear air a dhìteadh airson muirt an Inbhir Nis

  • 18 An Cèitean 2017
Mìcheal Mac an Tàilleir Image copyright Poilis na h-Alba
Image caption Cha deach dearbhadh dè bh' air cùl na h-ionnsaigh.

Chaidh Mìcheal Mac an Tàilleir a dhìteadh airson murt Ealasaid NicAoidh, air an robh cuideachd an t-ainm Ealasaid Muir, ann an Inbhir Nis.

Mharbh Mac an Tàilleir, 71, Ealasaid NicAoidh, a bha 60, na dachaigh ann am Baile a' Chnuic an-uiridh.

Chuala an Àrd Chùirt ann an Dùn Èideann gun tug e ionnsaigh bhruideil air a' bhoireannach, agus nach b' urrainn do luchd-casaid dearbhadh dè bh' air cùl na h-ionnsaigh.

Bha Mac an Tàilleir air a dhol às aicheadh gur e mhuirt Ealasaid NicAoidh ach chaidh na lorgan-meòir agus an DNA aige fhaighinn anns an taigh.

Thèid binn a chur air air an ath-mhìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo