Manifesto a' Phàrtaidh Thòraidhich

  • 18 An Cèitean 2017
Theresa May Image copyright EPA

Tha Prìomhaire Bhreatainn, Theresa May, air "riaghaltas dhan mhòr-shluagh a choileanadh feumalachdan mòr-shluagh Bhreatainn" a ghealltainn.

A' foillseachadh manifesto nan Tòraidhean, thuirt a' Bh-Ph. May gu bheil eaconamaidh làidir agus aonta Bhrexit nam fìor phrìomhachasan.

Ao-coltach ri 2015, chan eil gealltanas sa mhanifesto nach tèid a' chìs chosnaidh no Àrachas Nàiseanta àrdachadh, agus tha atharraichean mòra san amharc a thaobh cùraim shòisealta ann an Sasainn.

Bhiodh aig daoine luach còrr is £100,000 rin cùram fhèin a phàigheadh - ach dh'fhaodar dàil a chur air sin a' phàigheadh gu an dèidh am bàis.

Thèid an dòigh sa bheilear a' tomhas luach dhaoine airson cùram sòisealta atharrachadh gus luach an cuid dachaigh a thoirt a-steach.

Chuir ceannard nan Làbarach Jeremy Corbyn às leth nan Tòraidhean gun robhar a' moladh "cìs air seargadh-inntinn".

A' bruidhinn aig foillseachadh a' mhanifesto ann an Halifax, thuirt a' Bh-Ph. May: "Feumaidh sinn an cothrom seo a ghabhail gus mearatocrasaidh a thogail ann am Breatainn. Tha e a' ciallachadh dùthaich a dhèanamh de Bhreatainn a tha ag obair, chan ann dhan bheag-chuid bheartach a-mhàin, ach dhan a h-uile duine."

Thuirt i gu bheil còig prìomhachasan aca: eaconamaidh làidir, aghaidh a chur ri buil Bhrexit agus an saoghal chaochlaideach, a dhol an sàs ann an sgaraidhean sòisealta "maireannach", dèiligeadh ris na dùbhlain a tha an lùib mòr-shluagh a tha a' fàs nas sine, agus "feum a dhèanamh de theicneòlasan ùra, adhartach".

Cuideachd sa mhanifesto:

  • Am buidseat a chothromachadh ro 2025
  • Cha tig àrdachadh air VAT - ach a' cur às do ghealltanas 2015 nach deadh a' chìs chosnaidh no Àrachas Nàiseanta àrdachadh
  • An turastal bith-beò nàiseanta àrdachadh gu 60% den làn-thuarastal chuibheasach ro 2020
  • An àireamh de dh'inimrichean a tha a' tighinn dhan RA ìsleachadh gu na deugachadh mhìltean gach bliadhna
  • Ìre caitheamh-airgid an NHS àrdachadh co-dhiù £8bn thairis air an ath chòig bliadhna
  • Gealltanas nach tèid referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba a chumail gus am bi pròiseas Bhrexit coileanta
  • An taic-airgid airson connadh a' Gheamhraidh a stad dha peinseannairean a tha nas fheàrr dheth - an-dràsta, tha a h-uile peinseannair airidh air sùim eadar £100 agus £300 gach geamhradh
  • £4bn a bharrachd a chosg air sgoiltean Shasainn ro 2022 - cuid den airgead a' tighinn bho bhith a' cur stad air biadh sgoile an asgaidh do chloinn bheaga ann an Sasainn
  • Cuir às den chasg air sgoiltean gràmar ùra a chur air chois
  • Ceumannan a thaobh inimreachais, leithid iarraidh air companaidhean an tuilleadh airgid a phàigheadh ma bhios iad airson inimrichean a thoirt a-steach dhan dùthaich airson a bhith ag obair an seo

Chaidh faighneachd dhan Bh-Ph. May co-dhiù an robh na planaichean aice nan comharra gu bheilear a' gluasad air falbh bho phoileasaidhean nan Tòraidhean sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, gu sònraiche poileasaidhean Mhairead Thatcher.

Thuirt i: "B' e Tòraidh a bh' ann an Mairead Thatcher, 's e Tòraidh a th' annamsa, 's e manifesto Tòraidheach a tha seo."