Innealan defibrillator do chompanaidh bhradain

  • 18 An Cèitean 2017
Defibrillator Image copyright Thinkstock

Tha companaidh bhradan air aontachadh innealan defibrillator, a chuideachais daoine nuair a bhios grèim-cridhe orra, a chur aig na làraichean aca air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha 60 làrach aig Companaidh Bhradan na h-Alba uile gu lèir, agus mòran aca sin anns na h-Eileanan an Iar.

B' ann nuair a thàinig grèim-cridhe air aon den luchd-obrach aca fhèin a roghnaich a' chompanaidh rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.

Bha an duine ag obair ann am factaraidh ann an Earra-Ghàidheal nuair a thàinig grèim-cridhe air.

Sàbhailteachd

Leis gun robh defibrillator faisg air làimh, fhuair a cho-obraichean air a bheatha a shàbhaladh agus tha e an-diugh slàn, falain.

Thug sin air stiùirichean na companaidh innealan defibrillator a chur an sàs aig na làraichean aca gu lèir, air feadh nan eilean agus a' chosta an iar.

Tha 220 duine ag obair aca sna h-Eileanan Siar.

Thuirt àrd-oifigear na companaidh, Craig MacAnndrais, gun robh e gu mòr airson coimhead às dèidh slàinte agus sàbhailteachd an luchd-obrach aca agus gun robh e riatanach gun robh na h-innealan seo aca air feadh an àite, gu h-àraidh ann an coimhearsnachdan iomallach.