Duilgheadasan gan àicheadh le Uisge na h-Alba

  • 18 An Cèitean 2017
Ceann a Tuath na Hearadh Image copyright Iain Mac'illEathain

Tha Uisge na h-Alba a' dol às àicheadh gu bheil duilgheadasan le pròiseactan mòra aig deas a' toirt buaidh air an obair aca sna h-Eileanan.

Tha dragh ann an Ceann a Tuath na Hearadh agus ann an Uibhist a Tuath nach tèid siostam an uisge a leasachadh mar a chaidh a ghealltainn.

Anns a' Mhàrt, nochd mì-thoileachas ann an Ceann a Tuath na Hearadh nuair a chuir Uisge na h-Alba casg gu h-obann air planaichean gus pìob uisge ùr a chur eadar an Tairbeart agus Hùisinis.

Le cuid de thaighean às aonais siostaim cheart, agus dùil ri leasachaidhean turasachd aig Hùisinis, thuirt Urras Cheann a Tuath na Hearadh gu bheil mar a tha suidheachadh an uisge an-dràsta a' cur maill air leasachaidhean san sgìre.

Thuirt Uisge na h-Alba gun do chuir iad stad air an sgeama leasachaidh seach gun robh e a' dol a chosg mòran a bharrachd na bhathar an toiseach an dùil.

Thuirt iad nach do thuig iad cho duilich 's a bhiodh e pìob den t-seòrsa seo a chur an sàs ann an creagan Na Hearadh agus, le sin, gun do dh'èirich na cosgaisean bho £5.2m suas gu £6.75m.

Tha duilgheadasan cuideachd air èirigh ann an Uibhist a Tuath.

Le Uisge na h-Alba an-dràsta an teis-meadhan pròiseict mhòir, tha an comhairliche ionadail, Uisdean Robasdan, draghail gu bheil a' chompanaidh a-nis a' beachdachadh air tarraing air ais o chuid de na bha san amharc aca, ri linn chosgaisean.

Staing

Tha beachd eile air nochdadh gu bheil Uisge na h-Alba ann an staing lem pròiseactan ann an àiteachan eile, agus gur e sin an t-adhbhar a tha duilgheadasan sna h-eileanan.

Ann an Ceann a Deas Ghlaschu thathar ag obair air tunail mòr - trì mìle de dh'fhaid - gus leasachadh a thoirt air siostam an òtrachais. Tha Uisge na h-Alba air a ràdh roimhe gur e seo am pròiseact as motha, a thaobh òtrachais, a chaidh a dhèanamh sa bhaile ann an 100 bliadhna - aig cosgais £100m.

Tha a' chompanaidh air a ràdh, ge-tà, nach eil tunail Ghlaschu air buaidh sam bith a thoirt air co-dhùnaidhean ann an àiteachan eile.

Thuirt iad gu bheil na h-amasan aca air an aontachadh cuide ri Riaghaltas na h-Alba agus na riaghladairean, agus gum feumar dèanamh cinnteach gu bheilear a' cosg an airgid san dòigh as cothromaiche dhan luchd-pàighidh.

A thaobh pròiseact na Hearadh, thuirt Uisge na h-Alba gun tilleadh iad gu Urras a' Chinn a Tuath, agus a' choimhearsnachd air fad, le molaidhean ùra aig deireadh na mìos seo.

Ann an Uibhist a Tuath, thèid coinneamh a chumail air an ath-mhìos gus fiosrachadh a thoirt do dhaoine mu phlanaichean airson Ionad Òtrachais Loch nam Madadh.