Manifesto a' Phàrtaidh Thòraidhich

  • 18 An Cèitean 2017
Theresa May

Nochdaidh manifesto an taghaidh aig a' Phàrtaidh Thòraidheach Diardaoin, agus inimreachas agus cùram sòisealta aig a chridhe.

Tha dùil gum bithear a' moladh stad a chur air an taic-airgid airson connadh a' Gheamhraidh dha peinseannairean a tha nas fheàrr dheth, agus gun tèid airgead a shàbhalar le sin a chosg air cùram sòisealta.

Tha dùil gum bi gealltanas ann am manifesto nan Tòraidhean gus smachd nas treasa a chumail air an àireamh de dh'inimrichean a tha a' tighinn dhan Rìoghachd Aonaichte.

Thèid iarraidh air companaidhean an tuilleadh airgid a phàigheadh ma bhios iad airson inimrichean a thoirt a-steach dhan dùthaich airson a bhith ag obair an seo. A bharrachd air seo, thèid iarraidh orrasan barrachd a phàigheadh airson feum a dhèanamh den NHS.

Peinseannairean

Bidh gealltanas anns a' mhanifesto cuideachd gun tèid stad a chur air taic-airgid a' Gheamhraidh a bhith ga thoirt do pheinseannairean a tha nas fheàrr dheth.

A thuilleadh air seo, cuiridh am Pàrtaidh Tòraidheach às dhan ghealltanas a th' ann gun tèid peinnsean na Stàite àrdachadh co-dhiù 2.5% sa bhliadhna.

Tha am pàrtaidh ag ràdh gum faigh feadhainn nach eil cho math dheth fhathast an taic air a bheil iad airidh, ach gun tèid an t-airgead a thèid a shàbhaladh fo na poileasaidhean ùra seo a chosg air cùram sòisealta.