"80% de Shalann Innse Gall à dùthaich eile"

  • 18 An Cèitean 2017
Ceannard na Companaidh, Natalie Crayton Image copyright Hebridean Sea Salt

Fhuair rannsachadh air companaidh shalainn a tha stèidhichte an Leòdhas gur ann à dùthaich eile a thàinig 80% den t-salann a tha iad a' reic.

Dh'fhoillsich Buidheann Inbhe a' Bhìdh Alba (FSS) fiosrachadh mun rannsachadh - rud nach àbhaist dhaibh a dhèanamh - an dèidh dhan chùis nochdadh sna meadhanan.

Thòisich Comhairle nan Eilean Siar rannsachadh mun chompanaidh na bu thràithe den bhliadhna.

Thuirt a' bhuidheann gun d' fhuair iad nach b' ann às na h-Eileanan Siar a thàinig a' chuid as motha den t-salann a bha iad a' reic, ach gur e salann bùird a bh' ann, a cheannaichear à dùthaich eile.

Dh'iarr am BBC beachd air ceannard na companaidh, Natalie Crayton.

Thuirt labhraiche don FSS: "'S iad Comhairle nan Eilean Siar a tha os cionn an rannsachaidh mu Chompanaidh Shalainn Innse Gall, ach tha Buidheann Inbhe a' Bhìdh Alba a' cumail taic riutha.

"Chan àbhaist dhuinn fiosrachadh fhoillseachadh mu chùis a tha beò agus a' leantainn.

"Ach, leis mar a tha seo air nochdadh sna meadhanan, tha sinn den bheachd gu bheil e a-niste a chùm maith a' phobaill fiosrachadh fhoillseachadh.

"Chan e dìreach cùis mì-shanasachd a tha seo. Fhuair an rannsachadh gur e salann bùird à dùthaich eile a th' ann an còrr is 80% de na tha am measg Salann Innse Gall, 's nach b' ann às na h-Eileanan Siar a tha e.

"'S e beachd Buidhne Inbhe a' Bhìdh, fhad 's nach eil trioblaid an seo le sàbhailteachd bìdh, nach gabhar ri mealladh an luchd-ceannaich aig an ìre seo, agus gum faodadh e milleadh a dhèanamh air a' chliù a choisinn Alba gu cruaidh airson sàr-bhiadh agus deoch."