Àrd-dhreuchdan Chomhairle na Gàidhealtachd

  • 18 An Cèitean 2017
Comhairle na Gàidhealtachd

Chaidh buidheann riaghlaidh a stèidheachadh gu h-oifigeil aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha na neo-eisimeilich air a dhol ann an co-bhanntachd leis na Lib-Deamaich agus na Làbaraich.

'S i an neo-eisimeileach Màiread NicDhàibhidh a bhios na Ceannard air a' Chomhairle.

Bidh an Lib-Deamach Alasdair Christie na Leas-Cheannard.

Bidh an neo-eisimeileach Bill Lobban na Fhear-Gairm.

'S i Maxine Nic a' Ghobhainn bhon SNP ceannard nan dùbhlanach.