Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Manifesto nan Tòraidhean

Tha na Tòraidhean air manifesto an taghaidh fhoillseachadh, agus tha cùram sòisealta agus inimreachas am measg nam prìomhachasan aca. Geallaidh iad airgead a chur ri cùram sòisealta le bhith a' gearradh na h-àireamh luchd-peinnsein a gheibh taic-airgid connadh a' Gheamhraidh. Air inimreachas tha iad ag ràdh gu bheil iad ag èisteachd ri beachdan luchd-bhòtaidh, agus tha iad airson lùghdachadh mòr a dhèanamh.

Iomairt an Taghaidh

Cuideachd anns an iomairt taghaidh canaidh an SNP gu bheil na Tòraidhean ag adhbharachadh sgaraidhean. Bidh na Lib-Deamaich ag iomairt mu shlàinte-inntinne. Aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir aig Holyrood bidh na Làbaraich a' bruidhinn mu eachdraidh riaghlaidh an SNP.

Ionnsaigh Ghunna

Thuirt na Poilis gun robh duine ann an suidheachadh cothromach anns an ospadal an Glaschu às dèidh mar a chaidh losgadh air le gunna. Chaidh am fireannach, a tha 37 bliadhna de dh'aois, a leòn mu aodann. Tha na Poilis ag ràdh gun deach losgadh air 's e a' dràibheadh càr, an ceann a tuath a' bhaile faisg air Port Dundass. Bha rathaidean san sgìre, faisg air an M8, dùinte air sgàth na thachair, agus tha na Poilis a' rannsachadh.

Comhairle Ghlaschu

Tha dùil gun gabh an SNP smachd air Comhairle Ghlaschu an-diugh, agus gum bi iad a' riaghladh mar bheag-chuid. Tha cola-deug ann a-nis bho bha taghaidhean nan comhairlean ann. An Obar Dheathain chaidh comhairlichean Làbarach a chur a-mach às a' phàrtaidh rè ùine, às dèidh dhaibh aonta co-bhanntachd a dhèanamh leis na Tòraidhean. Cuideachd tha dùil gun tèid buidhnean riaghlaidh a chur air dòigh gu h-oifigeil aig Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid an-diugh.

Rolf Harris

Chuala cùirt gun tèid Rolf Harris a shaoradh às a' phrìosan a-màireach. Tha Harris, 87, a' nochdadh aig Cùirt a' Chrùin ann an Southwark tro cheangal bhidio an-dràsta agus casaid ionnsaigh dhrabasta na aghaidh. Faodaidh e fhèin a bhith an làthair anns a' chùirt a-nis nuair a thèid a leigeil a-mach air urras.