Eisirean dùthchasach gan tilleadh

  • 18 An Cèitean 2017
Eisirean an Linne Dhòrnaich

Tha eisirean dùthchasach gan tilleadh gu uisgeachan na h-Alba airson a' chiad uair ann an còrr is ceud bliadhna.

Chaidh an eisir rèidh Eòrpach à bith sa chuid as motha de sgìrean mu chladaichean na h-Alba san 18mh Linn, ri linn buaidh an iasgaich.

'S iad seòrsaichean neo-dhùthchasach de dh'eisirean as motha a tha gan àrach ann an tuathanasan mun chosta an-diugh.

Ach tha sgioba bho Oilthigh Herriot-Watt ann an Dùn Èideann a-niste air 300 eisir dùthchasach a thilleadh gu Linne Dhòrnaich, mar phàirt de phròiseact gus uisge na linne a ghlanadh.

Ma thig na h-eisirean beò, tha dùil riof a chruthachadh, ceithir hectare de mheud.

Bha 90% de na h-eisirean fhathast beò nuair a thug an sgioba sùil orra an toiseach - rud a tha na bhrosnachadh dhaibh.

Obair mhòr

'S e silteachain a th' ann an eisirean, a tha cudromach do dh'àrainneachd na mara seach gum bi iad a' glanadh an uisge a thèid tromhpa.

'S e an Dr. Bill Sanderson fear den luchd-saidheans a tha ag obair air an sgeama - sgeama a thathas a' tuigsinn a tha gun samhail san RA.

Thuirt e gun toir e ùine na h-eisirean a thilleadh ann an neart.

"'S e an t-amas mu cheithir hectare de ghrunnd na linne a bhith air a chòmhdachadh le eisirean, mu dheich gach meatar ceàrnagach," thuirt e.

"Gus sin a choileanadh, feumaidh sinn an t-uabhas eisirean a chur ann, agus feumaidh sinn am fàs gu ìre an toiseach.

"Mar sin dheth, tha obair mhòr romhainn gus seo a dhèanamh."

Tha Taigh-Staille Glenmorangie - a bhios a' pumpadh uisge on taigh-staile, a th' air a ghlanadh an dèidh a chleachadh a-steach dhan lìn - a' maoineachadh a' phròiseict.