Buaireadh Chuil Uaraich a' leantainn

  • 18 An Cèitean 2017
Col Uarach

Tha Comataidh Ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas fhathast gun smachd fhaighinn air a' chunntas bhanca aca, no leabhraichean a' bhaile fhaighinn air ais, às dèidh mar a chuireadh conastabal ionaltraidh os cionn nan gnothaichean aca.

Ged a dhearbh na Poilis nach deach an lagh a bhriseadh nuair a fhuair iad taic-airgid bho Chomhairle nan Eilean Siar airson rathad Ghearraidh Ghuirm a leasachadh, tha seann chonstabal ionaltraidh a' bhaile, Cailean Souter, a' gearain mun dòigh san do làimhsich Poileas Alba a' chùis.

Tha seachd mìosan ann bhon a chaidh comataidh ùr a thaghadh ann an Col Uarach.

Tha e air tighinn am follais gu bheil leabharaichean a' bhaile fhathast aig na Poilis.

Às dèidh coinneimh den chomataidh bhaile oidhche Luain tha croitearan a' bhaile a-nis a' sireadh mineachaidh bho Choimisean na Croitearachd mun dòigh anns an d' fhuair Mgr Souter smachd air cunntas banca na comataidh.

Tha iad ag ràdh gun tèid iad gu lagh mura faigh iad freagairtean.

Tha iad cuideachd ag iarraidh gum faigh iad smachd air a' chunntas bhanca aca cho luath 's a ghabhas.