Àrd-dhreuchdan Chomhairle na Gàidhealtachd

  • 18 An Cèitean 2017
Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid iarraidh air comhairlichean ùra na Gàidhealtachd Ceannard, Leas-Cheannard agus Fear-Gairm a thaghadh aig coinneimh den Làn-Chomhairle Diardaoin.

'S e co-bhanntachd a bhios a' riaghladh aig a' Chomhairle seo cuideachd, an turas seo le comhairlichean neo-eisimileach, na Lib-Deamaich agus am Pàrtaidh Làbarach.

Bha na comhairlichean neo-eisimeileach a' riaghaladh le beag-chuid ach le taic bhon SNP san t-seann Chomhairle.

An dèidh an taghaidh na bu tràithe den mhìos, cha d' fhuair pàrtaidh seach pàrtaidh mòr-chuid.

Chaidh mar sin co-bhanntachd a stèidheachadh

An t-seachdain seo chaidh, thàinig na comhairlichean neo-eisimeileach, na Lib-Deamaich agus am Pàrtaidh Làbarach còmhla.

Tha mòr-chuid de cheathrar aca.

Tha dùil gu e an Comh. Màiread NicDhàibhidh a bhitheas na Ceannard air a' Chomhairle, agus i air a bhith san dreuchd ron taghadh.

Tha dùil gur e an comhairliche Lib-Deamach Alasdair Christie an Leas-Cheannard.

Dh'fhaodadh cuideachd gur e fear de chomhairlichean Srath Spè, Uilleam Lobban, Fear-Gairm ùr an ùghdarrais.