Puingean prìseil do Chaley Thistle

  • 18 An Cèitean 2017
Richie Foran Image copyright SNS
Image caption Bha fìor dheagh oidhche aig Richie Foran is Caley Thistle ann an Dùn Dè.

Thèid Caley Thistle a-steach dhan gheama lìge mu dheireadh aca Disathairne le cothrom fuireach sa Phrìomh Lìog.

Rinn sgioba Inbhir Nis a' chùis air Dùn Dè 2-0 aig Pàirc Dens oidhche Chiadain.

Bhiodh iad air tuiteam a-mach às an lìog nam biodh iad air call.

Thòisich iad le brag, ge-tà, Billy MacAoidh gan cur air thoiseach às dèidh trì mionaidean, is Alex Fisher le fear eile seachd mionaidean às dèidh sin.

Bha ICT cofhurtail gu leòr às dèidh sin is iad a' tilleadh gu tuath le trì puingean luachmhor.

Tha Inbhir Nis a-nise dìreach puing air cùl Hamaltan.

Feumaidh sgioba Richie Foran a' chùis a dhèanamh air Tobar na Màthar aig an taigh Disathairne, is a bhith an dòchas nach buannaich Hamaltan an aghaidh Dhùn Dè.

Cothrom

Ma thèid leotha, gheibh iad cothrom air dà gheama dearbhaidh airson fuireach suas.

A rèir Foran, tha an cuideam a-nise air Hamaltan.

"Tha na cluicheadairean a-nise a' cluiche glè mhath. Tha sinn ann an deagh àite an-dràsta", thuirt Foran.

"Tha Tobar na Màthar math ach tha sinn misneachail mun gheama, tha sinn air cothrom a thoirt dhuinn fhèin.

"Cha creid mi gu bheil tòrr uallaich oirrn. Tha mi a' smaointinn gur ann air Hamaltan a tha an t-uallach a-nise", thuirt e.

Thuirt manaidsear Dhùn Dè, Neil McCann, nach robh an sgioba aige math gu leòr idir air an oidhche.

Bidh luchd-taic Chaley Thistle an dòchas gum bi iad tòrr nas fhèarr nuair a thèid iad a Hamaltan Disathairne.