Leasachadh air tòiseachadh an Àird Ghaoithe
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leasachadh air tòiseachadh an Àird Ghaoithe

17 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thòisich obair air leasachadh-taigheadais agus gniomhachais ann an Àird Ghaoithe an Cataibh.

Bidh 4 dachaighean ùra sòisealta am-measg an leasachaidh, a' chiad sreath de dhachaighean sòisealta anns an sgìre ann an 30 bliadhna, a-rèir Urras Leasachaidh Chaolas Chataibh, a th' air cùlaibh nam planaichean.

'S iad a' chompanaidh Albyn a thogas na taighean agus tha an t-Urras a' dol a' steidheachadh oifisean ùra agus ionad ealain ann cuideachd.