An t-siathamh là stailce aig òraidichean

  • 17 An Cèitean 2017
Òraidichean air stailc

Tha an t-siathamh là de stailcean gu bhith ann an colaistean na h-Alba Diciadain, ri linn eas-aonta mu chùmhnantan-obrach agus ìrean pàighidh.

Dhiùlt aonadh an luchd-teagaisg, an EIS, gabhail ri tagradh bho Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, sa Phàrlamaid Dimàirt, agus esan airson stad a chur air an stailc.

Thuirt an t-aonadh gun lean iad orra gus an tèid aonta pàighidh a ruighinn.

'S e seo am buaireadh nàiseanta as motha a th' air a bhith ann am foghlam an Alba ann an 30 bliadhna.

Dh'innis Mgr Swinney, do Bhuill-Phàrlamaid Dimàirt gun deadh cuideigin bhon Riaghaltas an sàs anns na còmhraidhean ann an oidhirp aonta a ruighinn.

Ach, thuirt e nach deadh aonta a sparradh orra.

Tha an EIS mì-thoilichte agus iad ag ràdh nach eil na colaistean air cumail ri aonta a bha airson ìrean pàighidh a dhèanamh cunbhalach air feadh na dùthcha.

Thuirt iad gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil buaidh air a bhith aige seo air oileanaich, 's iad air a ràdh gun cuireadh iad stad air an tuilleadh stailcean nan gabhadh na colaistean ris an aonta phàighidh.

Dh'fhaodadh an uair sin còmhraidhean fa leth a bhith ann mu na cùmhnantan a bhiodh an lùib an aonta.