Brexit: Lib-Deamaich a' gealltainn referendum air aonta Bhrexit

  • 17 An Cèitean 2017
Tim Farron Image copyright PA

Tha na Libearalach Deamocratach air dàrna referendum air aonta Bhrexit a chur aig teis-meadhan a' mhanifesto aca airson an taghaidh, ag ràdh gun toireadh e "am facal mu dheireadh do mhuinntir Bhreatainn".

Bheireadh a' bhòt air aonta dheireannach Bhrexit roghainn do dhaoine fuireach anns an EU.

Thuirt na Lib-Deamaich cuideachd gun gabhadh £1bn a thogail tro cleachdadh chainb a dhèanamh laghail, agus cìsean a chur air cainb.

Tha iad cuideachd ag amas air òigridh, a' tabhann pasaichean-bus agus cuideachadh le taighean a cheannach dhaibh fhèin.

Gus pàigeadh airson nan gealltanasan, chuireadh iad àrdachadh de 1sg air a' chìs chosnaidh, thilleadh iad a' chìs chorparra gu 20%, chuireadh iad às do chuibhrinn cìse do chàraidean pòsta, agus dh'ìslicheadh iad an ìre aig a bheil a' chìs-oighreachd a' tighinn gu buil.

Thuirt na Lib-Deamaich, a bha o chionn fhada ag iarraidh gun deadh cleachdadh chainb a dhèanamh laghail, gun cuireadh iad cìs air an droga agus, aig a' cheann thall, gum faicear sàbhalaidhean a thaobh obair nam Poileas.

Eaconamaidh

A thaobh na h-eaconamaidh, thuirt am pàrtaidh gun cumadh iad cosgaisean làitheil cothromach agus, aig a' cheart àm, gun toireadh iad lùghdachadh air fiachan nàiseanta mar chuid den GDP.

Chan eilear ge-tà, a' gealltainn cùr às do chìsean oileanach - chur am pàrtaidh cùl ris a' ghealltanas sin nuair a chaidh iad an co-bhann leis na Tòraidhean ann an 2010.

Anns a' mhanifesto, thuirt am pàrtaidh gun robh àireamh nan iarrtasan airson nan oilthighean air a dhol am meud on a chaidh siostam "na bu chothromaiche" a chur air chois leis a' cho-bhanntachd.

Le bhith a' gealltainn dàrna referendum air aonta Bhrexit, tha na Lib-Deamaich ag amas gu mòr air feadhainn a bhòt airson fuireach ann an referendum an Aonaidh Eòrpaich.

Tha am pàrtaidh a' creidsinn nach eil roghainn eile ann cho math ri ballrachd san EU, agus gum bithear deònach strì a dhèanamh airson fuireach, a' cur às do Bhrexit.

Thuirt Ceannard a' phàrtaidh, Tim Farron, gu bheil Breatainn ann an èiginn agus gur iad na Lib-Deamaich an aon phàrtaidh a bheireadh dòchas dhan dùthaich.

Roghainn

A' bruidhinn mu Bhrexit, thuirt e: "Seo an t-sabaid as motha airson àm ri teachd ar dùthcha ann an ginealach.

Image copyright Reuters
Image caption Tha na Libearalach Deamocratach air dàrna referendum air aonta Bhrexit a chur aig teis-meadhan a' mhanifesto aca airson an taghaidh.

"Tha na Libearalaich Dheamocratach airson 's gum bi roghainn agaibhse mun àm ri teachd agaibhse," thuirt e.

"Bu chòir cothrom a bhith agaibhse ur beachd a thoirt air aonta Bhrexit ann an referendum. Mura còrd an aonta ribh, bu chòir cothrom a bhith agaibh a dhiùltadh agus roghnachadh fuireach san Roinn Eòrpa."

Tha am pàrtaidh, a bh' ann an co-bhann leis na Tòraidhean eadar 2010 agus 2015, an dòchas adhartas a dhèanamh an dèidh taghadh 2015, nuair a chaill iad cha mhòr 150 seat gus nach robh aca ach ochdnar BhP. Tha iad air a ràdh nach eil ùidh aca a dhol ann an co-bhann ri pàrtaidh sam bith eile an dèidh taghadh na h-ath-mhìos.

Tha iad a' gealltainn cuideachd sochairean taigheadais a thilleadh gu daoine òga eadar 18-21 bliadhna de dh'aois. Chaidh an t-sochair sin a ghearradh às leis an Riaghaltas sa Ghiblean, suidheachadh a dh'fhaodadh, a rèir nan Lib-Deamach, buaidh a thoirt air suas ri 18,000 neach agus an àireamh de dhaoine gun dhachaigh àrdachadh.

Mar phàirt den tabhartas aca, bheireadh iad cothrom do dhaoine a th' ann an taigh air màl a bhith a' pàigheadh a-staigh gus taigh a cheannach taobh a-staigh 30 bliadhna.

Nochd am plana seo an toiseach ann an 2015.