CnES ag amas air cosnaidhean is coimhearsnachdan

  • 17 An Cèitean 2017
Comhairle nan Eilean Siar

Thuirt Fear-Gairm ùr Chomhairle nan Eilean Siar gu bheil an t-ùghdarras ionadail ag amas air cosnaidhean agus a bhith a' neartachadh choimhearsnachdan sna sgìrean iomallach.

Às dèidh nan taghaidhean comhairle bho chionn còrr is seachdain, chaidh na h-àrd-dhreuchan a lìonadh sna h-Eileanan Siar Dimàirt.

Chaidh an Comh. Ruairidh MacAoidh, a tha a' riochdachadh Cheann a Tuath Baile Steòrnabhaigh, ainmeachadh mar Cheannard, agus chaidh Tormod Dòmhnallach, a tha na chomhairliche ann an Sgìr' Ùig' an Leòdhas, ainmeachadh a-rithist mar Fhear-Gairm.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gum feum a' Chomhairle a h-uile cothrom a ghabhail an eaconamaidh a leasachadh, agus mì-chinnt ann mu cuin a dheadh an ath thaghadh nàiseanta a ghairm.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil fios aig duine cuin a bhios an ath thaghadh ann - 's dòcha gur e trì bliadhna, ceithir bliadhna, no 's dòcha fiù 's suas gu sia bliadhna a bhios ann," thuirt e.

Toiseach-tòiseachaidh

Thuirt Mgr Dòmhnallach gum feumar leantainn orra leis an obair air an deach toiseach-tòiseachaidh a dhèanamh mu dheireadh na bliadhna agus aig deireadh na comhairle eile.

"'S e sin a bhith a' cuimseachadh air dè a tha a' tachairt a thaobh àireamhan-sluaigh agus gluasad-sluaigh taobh a-staigh nan eilean agus feuchainn ri daoine a thàladh a-steach dha na h-Eileanan.

"Airson sin a dhèanamh, feumaidh sinn leasachadh a dhèanamh a thaobh taigheadais agus cuideachd a thaobh obraichean.

"Sin an dà phrìomh rud a tha gu bhith a' stiùireadh dè as urrainn dhuinn a dhèanamh a thaobh òigridh, gach cuid a chumail anns na h-eileanan agus a thàladh air ais dha na h-eileanan airson 's gum bi iad a' cur taic ris a' choimhearsnachd a tha seo sna ginealaichean a tha romhainn," thuirt e.

Ged a tha an t-airgead a tha a' Chomhairle a' faighinn airson seirbheisean a lìbhrigeadh gann, tha am Fear-Gairm fhathast misneachail gu bheil cothroman aca a thaobh nan iomairtean air an deach tòiseachadh anns a' chomhairle mu dheireadh.

Rinn Mgr Dòmhnallach moladh air Aonghas Caimbeul, a leig dheth a dhreuchd mar Cheannard ro na taghaidhean comhairle, airson nan oidhirpean a rinn esan a thaobh Ar n-Eileanan ri Teachd agus cuideachd an aonta a tha gu bhith ann airson nan sgìrean eileanach - Na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn.

Thuirt e: "Tha còir gum bi tòrr mòr stòrais a' tighinn a-steach dha na h-eileanan agus ma chleachdas sinn anns an dòigh cheart e, a thaobh taigheadais, a thaobh cruthachadh obraichean, agus a bhith a' tàladh òigridh dha na h-Eileanan, tha sin a' dol a thoirt togail dhan t-sluagh agus dhan eaconamaidh anns na h-eileanan."

Atharrachaidhean

Le mòran chomhairlichean air a thighinn a-steach às ùr agus atharrachaidhean mòra san amharc sa bhliadhna a tha a' tighinn, bheachdaich Mgr Dòmhnallach gu bheil e cudromach gum bi buill na Comhairle aonaichte.

"Tha sin mar phrìomh amas agamsa. Feumar coimhead ri na sgìrean as iomallaiche gu h-àraidh agus coimhead dè dh'fheumas a bhith air a dhèanamh airson òigridh a thàladh dha na sgìrean a tha sin agus cuideachd am misneachadh gus a bhith a' fuireach sna sgìrean. 'S e sin a tha a' dol a chur taic ri na coimhearsnachdan againn, chan e daoine a bhith a' gluasad gu Tìr-Mòr.

"Bha iarrtas ann an-diugh fhèin airson dòighean-obrach 's dòcha eadar-dhealaichte a bhith aig a' Chomhairle agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin iomchaidh oir tha sinne a' dol a dh'fhaighinn, tron bhile a tha a' dol tron Phàrlamaid ann an Dùn Èideann, barrachd smachd agus barrachd chumhachd agus thathas a' sùileachadh ann an Dùn Èideann gu bheil sinne an uair sin a' dol a bhiathadh sin a-mach dha na coimhearsnachdan airson 's gum bi na coimhearsnachdan fhèin, gu ìre tòrr nas motha, an sàs ann a bhith a' dèanamh co-dhùnaidhean air dè an stòras a tha gu bhith air a chosg agus cò air a thèid a chosg sna coimhearsnachdan aca fhèin.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e a' chiad phrìomhachas a bhith a' coimhead ris an sin anns na sgìrean as iomallaiche gu sònraiche oir tha sinn a' faicinn sgìrean, leithid pàirt de Cheann a Tuath na Hearadh an-dràsta fhèin, tha e ann an suidheachadh cugallach dha-rìribh a thaobh àireamh-sluaigh agus chan eil sinn ag iarraidh Scarp no Hiort eile fhaicinn," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo