Manifesto nan Libearalach Deamocratach

  • 17 An Cèitean 2017
Tim Farron Image copyright EPA

Thèid manifesto nan Lib-Deamach airson an Taghaidh Choitchinn fhoillseachadh Diciadain.

Am measg na bhios ceannard a' phàrtaidh Tim Farron a' gealltainn, tha referendum eile air aonta Bhrexit agus an aois-bhotaidh ìsleachadh gu 16.

Tha dùil cuideachd gum bi planaichean ann airson sochairean taigheadais a thilleadh gu daoine òga fo aois 21, cleachdadh chainb a dhèanamh laghail, agus airson tuilleadh dhaoine a chuideachadh le taigh a cheannach dhaibh fhèin.

Tha na Lib-Deamaich a' faicinn an taghaidh mar chothrom cùrsa na dùthcha atharrachadh, agus am fortan aca fhèin atharrachadh cuideachd.

Brexit

Tha iad ag amas gu mòr air feadhainn a bhòt airson fuireach ann an referendum an Aonaidh Eòrpaich an-uiridh, a' gealltainn strì a dhèanamh an aghaidh Bhrexit ma tha e ro chruaidh. Geallaidh iad referendum eile a chumail, ma 's e 's nach eil an t-aonta sin a' còrdadh ri daoine, gum bu chòir cead a bhith aca Breatainn a chumail san EU.

Tha làn-fhios aig Tim Farron nach buannaich na Lib-Deamaich an taghadh, ach tha e airson crìochnachadh air thoiseach air na Làbaraich agus dùbhlan èifeachdach a thoirt dha na Tòraidhean.

Tha e cuideachd ag amas air òigridh, le sgeama a bheireadh cothrom do dhaoine a th' ann an taigh air màl a bhith a' pàigheadh a-staigh gus taigh a cheannach taobh a-staigh 30 bliadhna.

A thaobh chìsean, thathas an dùil a' chìs chosnaidh agus a' chìs chorparra àrdachadh.