Buaidh do Chounty is dòchas do dh'ICT

  • 17 An Cèitean 2017
Accies Image copyright SNS
Image caption Bha briseadh-dùil mòr ann do Hamaltan ann an Inbhir Pheofharain oidhche Mhàirt.

Tha Caley Thistle fhathast le cothrom fuireach sa Phrìomh Lìog às dèidh do Ross County a' chùis a dhèanamh air Hamaltan 3-2 oidhche Mhàirt.

Ann an geama math dha-rìribh ann an Inbhir Pheofharain, chaidh County air thoiseach tràth le oidhirp àlainn bho Mhìcheal Gardyne.

Chuir Rakish Bingham Accies co-ionnan, is bha sreath de chothroman eile aca ro leathach slighe is County toilichte a dhol a-steach aig 1-1.

Thàinig fortan a bharrachd do Chounty leis an darna tadhal ann an 73 mionaidean.

Bhuail oidhirp Jim O'Brian am post is an uairsin fear-gleidh Accies Remi Matthews air an t-slighe dhan lìon.

Bha freagairt aig Accies sa bhad, Dàibhidh Templeton leis an tadhal às dèidh dha tighinn far na beingidh.

Bha Hamaltan den bheachd gun robh iad air airidh air barrachd na dìreach puing, ach air a' cheann thall cha d'fhuair iad fiù 's sin.

Ann an ùine a chaidh a chur ris a' gheama, nochd Jonathan Franks le slaic air leth a bhuannaich an geama dha na Staggies.

Deagh oidhche eile dha County a tha a-nise san 7mh àite san lìog is cuideachd 7 geamaichean gun chall.

Tha fios aig Accies a-nise nach urrainn dhaibh an 10mh àite san lìog a ruighinn, is gur e geama dearbhaidh an aghaidh sgioba bhon Championship a bhios aca ma chrìochnaicheas iad far a bheil iad an-dràsta.

Dh'fhaodadh fhathast gun glac Caley Thistle iad, ge-tà, is buaidh Chounty a' toirt dòchas às ùr dha na nàbaidhean aca.

Thèid ICT a Dhùn Dè oidhche Chiadain is cothrom aca a' bheàrn gu Accies a ghearradh gu aona phuing le buaidh.

Nam biodh Inbhir Nis co-ionnan ri Dùn Dè, bhiodh iad trì puingean is 7 tadhail air cùl Accies is le dìreach aona gheama air fhàgail, tha a h-uile coltas ann gum biodh sin cus.

Ma chailleas Caley Thistle aig Pàirce Dens, thèid iad sìos bhon Phrìomh Lìog.