NHS Roinn a' Mhonaidh: chan urrainnear targaid an Riaghaltais a choileanadh

  • 16 An Cèitean 2017
Ospadal Image copyright Thinkstock

Thuirt NHS Roinn a' Mhonaidh nach urrainn dhaibh gealltainn gum faigh euslaintich obair-lannsa taobh a-staigh 12 seachdain, ach a-mhàin ann an suidheachaidhean èiginneach.

Dh'aidich am bòrd-slàinte nach urrainn dhaibh targaid an Riaghaltais Albannaich a choileanadh, agus gu bheil iad a-nis a' comharrachadh euslaintich a tha a' dol tro obair-lannsa a rèir nam feumalachdan clionaigeach aca.

Tha duilgheadas air a bhith aig NHS Roinn a' Mhonaidh luchd-obrach fhastadh agus a chumail ann an dreuchd ann an grunn diofar roinnean.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' dèiligeadh ri targaid an Riaghaltais ann an dòigh phractaigich, ged a tha iad a' gabhail ris gu bheil aig euslaintich ri feitheamh nas fhaide na mhiannaicheadh iad.

Siostam rangachaidh

Thuirt tè-labhairt dhan bhòrd gun robh iad a' toirt prìomhachais dha bhith a' toirt leigheis dha na h-euslaintich as motha a bha a' cur feum air gu sgiobalta.

Thuirt i gu bheilear air siostam rangachaidh a chur air dòigh, gus dèanamh cinnteach gur iad an fheadhainn as urrainn feitheamh nas fhaide gu cliogaigeach a tha a' feitheamh nas fhaide.

Ghabh i ris gum biodh sin na bhriseadh-dùil do chuid.

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, gun robh Riaghaltas na h-Alba a' toirt airgid do bhùird-shlàinte air feadh na dùthcha airson an cuideachadh barrachd obair-lannsa a dhèanamh.

Dh'iarr i air euslaintich a tha air a bhith a' feitheamh ùine mhòir airson obair-lànnsa a leisgeul a ghabhail.