Mì-thoileachas an Uibhist mu ghluasad bhanaltram

  • 17 An Cèitean 2017
Banaltraman Image copyright Science Photo Library

Tha mì-thoileachas ann an Uibhist mu phlanaichean Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar banaltraman a ghluasad bhon chlionaig ann am Baile a' Mhanaich gu oifisean na Comhairle.

A rèir a' Chomh. Uisdean Robasdan, a tha a' riochdachadh Beinn nam Fadhla agus Uibhist a Tuath, tha an luchd-obrach mì-thoilichte mu mar a chaidh a' chùis a làimhseachadh agus mun fhiosrachadh a chaidh a thoirt dhaibh mu na tha ceàrr air togalach na clionaig.

Thuirt Mgr Robasdan: "Anns a' chiad àite, chaidh innse dhaibh nach robh an togalach anns an robh iad freagarrach agus gum feumadh iad gluasad. Fhuaireadh a-mach an uair sin gun robhar a' dol a ghluasad daoine eile a-staigh dhan chlionaig nuair a dh'fhalbhadh iadsan.

"Bha iad gu math fiadhaich nach do rinneadh co-chomhairleachadh dòigheil còmhla riutha agus nach deach èisteachd ri na draghannan a bh' orra," thuirt e.

Ged nach toireadh diofar thogalach buaidh air an t-seirbheis a thathas a' toirt seachad, tha Mgr Robasdan draghail mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig an t-suidheachadh air an luchd-obrach.

"Feumaidh tu spèis a thoirt dhan luchd-obrach ma tha iad a' dol a dh'obrachadh gu daingeann dhut agus, ma tha luchd-obrach mì-thoilichte agad, tha e a' dol a dhèanamh diofair dhan h-uile duine," thuirt e.

Sàbhaladh

A rèir a' Bhùird Shlàinte, dheadh airgead a shàbhaladh san togalach ùr. Thuirt Mgr Robasdan ge-tà, nach deach sin a mhìneachadh dhan Chomhairle, ged a chaidh innse dhaibh mun obair a dh'fheumte a dhèanamh air oifisean na Comhairle, 's gun robh sin a' dol a chosg còrr air £200,000.

"Tha mi a' smaoineachdainn gu bheil còir aig an fheadhainn a tha a' dèanamh a' ghluasaid seo coinneachadh ris na banaltraman, agus an ris an fheadhainn a thathar a' gluasad à oifisean na Comhairle fhèin, gus an gnothach a mhìneachadh gu soilleir," thuirt Mgr Robasdan.

Ged nach eil an luchd-obrach toilichte, agus iad air bruidhinn ris na h-aonaidhean mun t-suidheachadh, thuirt Mgr Robasdan chan eil e soilleir dè a ghabhas dèanamh.

Le obair a dhìth air oifisean na Comhairle, tha draghan air nochdadh mu fhreagarrachd an togalaich - a thaobh rùm, a thaobh prìobhaideachd is eile.

"Sin an rud a bha a' cur dragh air na banaltraman fhèin - nach robh e prìobhaideach - agus a thaobh ghoireasan clionaigeach fhèin, nach robh e dòigheil," dh'innis Mgr Robasdan.

"Bha iad a' smaoineachadh nach biodh am poball fhèin airson a dhol a-staigh ann 's gun robh iad a' dol a chall, mar gum biodh, an rud a bh' aca anns a' chlionaig fhèin far an robh daoine cofhurtail a' tighinn a-staigh a bhruidhinn riutha."

Chaidh beachd iarraidh bhon Bhòrd Shlàinte mun chùis, ach cha d' fhuaireadh sin fhathast.