Manifesto a' Phàrtaidh Làbaraich

  • 16 An Cèitean 2017
Manifesto nan Làbarach Image copyright AFP

Dheadh £6.4bn a bharrachd a thogail bhon chìs chosnaidh fo phlanaichean ann am manifesto nan Làbarach airson an Taghaidh Choitchinn.

Dheadh an reat do dhaoine a tha a' cosnadh còrr is £80,000 suas gu 45sg, agus 50sg do dhaoine a tha a' cosnadh còrr is £123,000, a' cuideachadh gus "seirbheisean poblach a mhaoineachadh".

Thuirt Ceannard a' phàrtaidh, Jeremy Corbyn, gu bheil am manifesto - a tha a' gealltainn billeanan a chosg air foghlam agus an NHS, agus leudachadh air cùram chloinne an-asgaidh - na "phrògram dòchais".

Am measg ghealltanasan eile bha cùr às de chìsean oileanach ann an Sasainn agus 10 de chompanaidhean uisge Shasainn a chur ann an sealbh na Stàite.

Thuirt na Làbaraich gun gabhadh £48.6bn a bharrachd a thogail bho chìsean, a' gabhail a-steach àrdachadh sa chìs chorporra, seasamh nas cruaidhe a thaobh seachnadh chìsean agus cìsean a bharrachd a chur air feadhainn a tha a' cosnadh tuarastail thairis air £330,000.

"Ge bith dè an aois no dè an t-suidheachadh anns a bheil iad, tha daoine fo uallach, a' strì ri cosgaisean bith-beò," thuirt Mgr Corbyn agus e a' foillseachadh phlanaichean nan Làbarach ann am Bradford.

"'S ann dhuibhse a tha ar manifesto."

A-mach às na prìomh phàrtaidhean poilitigeach, 's iad na Làbaraich a' chiad fheadhainn a dh'fhoillsich manifesto air thoiseach air an taghadh choitcheann Diardaoin 8mh an t-Ògmhios.

An dèidh do chuid de phlanaichean nan Làbarach nochdadh an t-seachdain seo chaidh gun chead, thuirt Mgr Corbyn nach tigeadh àrdachadh air a' chìs luach-leasaichte no air Àrachas Nàiseanta, le àrdachaidhean cìse glèidhte don "5% as beairtiche den luchd-cosnaidh".

Cuideachd sa mhanifesto:

  • Seirbheisean rèile Bhreatainn a thilleadh dhan roinn phoblaich
  • Gluasad a dh'ionnsaigh siostam chumhachd fo smachd phoblach
  • "Dòigh-dèiligidh reusanta" air in-imrich às aonais "targaidean fuadain"
  • 100,000 taigh aig prìs reusanta a thogail gach bliadhna
  • Taic a chur ri armachd niuclasach Bhreatainn, Trident, ùrachadh
  • Gun tèid gealltanas a thoirt sa bhad do dhaoine às an EU a tha a' fuireach san RA
  • Diùltadh an EU fhàgail às aonais cùmhnaint dhearbhte

Thuirt Mgr Corbyn gu bheil e misneachail gun cuir an luchd-bhòtaidh earbsa nan gealltanasan agus gun co-dhùin iad gur e "seo an t-àm airson nan Làbarach".

Tuilleadh air an sgeulachd seo