Manifesto a' Phàrtaidh Làbaraich

  • 16 An Cèitean 2017
Jeremy Corbyn Image copyright Reuters

Thèid manifesto nan Làbarach airson an Taghaidh Choitchinn fhoillseachadh Dimàirt.

Nochd cuid de na planaichean aca gun chead an t-seachdain seo chaidh, agus iad a' bruidhinn air grunn sheirbheisean a thilleadh dhan roinn phoblaich.

Tha dùil gum bi planaichean ann cuideachd airson cìsean a bharrachd a chur air feadhainn a tha a' cosnadh tuarastail mhòir.

Gealltanasan

Tha am Pàrtaidh Làbarach a' dol gu Oilthigh Bhradford madainn Dimàirt airson am manifesto taghaidh aca dhan Rìoghachd Aonaichte fhoillseachadh.

Am measg na thathar an dùil a bhios air a ghealltainn ann, tha gealltanas ann de bhith a' cùr às de chìsean oileanach ann an Sasainn, a bhith a' cosg tuilleadh airgid air ann NHS agus a bhith a' cur an aghaidh ghearraidhean ann an sochairean sòisealta a chaidh a chur an gnìomh mar-thà.

A bharrachd air an seo, thathar an dùil gum bi gealltanasan ann cuid de ghnìomhachasan a thoirt air ais dhan roinn phoblaich gus seirbheisean nas fheàrr a thabhann do mhuinntir na dùthcha.

Bidh gealltanasan ann cuideachd air cùram chloinne leasaichte ann am manifesto a thathar an dùil a bhios gu math radaigeach agus eadar-dhealaichte bho mhanifestothan eile a chaidh fhoillseachadh leis a' phàrtaidh roimhe.

Alba

Bidh Ceannard Albannach nan Làbarach, Kezia Dugdale, cuide ri Jeremy Corbyn agus e a' foillseachadh manifesto nan Làbarach.

Bho thaobh na h-Alba dheth, thathar an dùil gum bi gealltanasan sgrìobhte ann mu cho-bhanntachd bhun-reachdail ùr a stèidheachadh, a bhios a' coimhead ri structar feadaralach a chur an gnìomh air feadh na RA.

Tha dùthaich fheadaralach mar-thà mar phoileasaidh aig na Làbaraich ann an Alba agus thathar a' tuigsinn gum bi gealltanasan anns a' mhanifesto gus dìon a dhèanamh air obraichean ann an gnìomhachas ola agus gas a' Chuain a Tuath.