Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Manifesto nan Làbarach

Tha Jeremy Corbyn ag ullachadh airson manifesto nan Làbarach fhoillseachadh 's e a' gealltainn plana-riaghlaidh "radaigeach ach ciallach". Canaidh e gun cuir e stad air seachd bliadhna de ghearradh agus cùmhnadh fo riaghaltas Thòraidheach, ach air taobh a-staigh buidseat na dùthcha. Thuirt an SNP nach eil iad a' cur suim sam bith sa mhanifesto 's iad ag ràdh gu bheil na Làbaraich air dearbhadh mar thà nach seas iad an aghaidh nan Tòraidhean. Tha na Tòraidhean a' togail an-diugh air òraid a rinn Ruth Davidson an-raoir anns an tuirt i gu bheil dìlseachd do dhùthaich nas cudromaiche na tha nàiseantas. Agus tha na Lib-Deamaich a' cur foghlaim aig meadhan na h-iomairt acasan an-diugh.

An Atmhorachd

Dh'èirich reat na h-Atmhorachd a rèir chlàr an CPI gu grad air a' mhìos a chaidh gu 2.7%. Sin an ìre as àirde bho 2013.

Comhairle nan Eilean Siar

Thèid na h-àrd-dhreuchdan ann an Comhairle nan Eilean Siar a stèidheachadh an-diugh, 's a' Chomhairle ùr a' cruinneachadh airson a' chiad uair. Bidh ceannard ùr air a' Chomhairle an turas seo, agus Aonghas Caimbeul a bha san dreuchd sin air seasamh sìos mar chomhairliche aig an Taghadh.

Ian Brady

Thuirt Poilis Greater Manchester gun lean iad orra a' coimhead airson dust Keith Bennet, an aon fhear nach d' fhuaireas riamh den chòignear cloinne a chaidh a mhurt le Ian Brady. Chaochail Brady, a bha 79 bliadhna de dh'aois, ann an Ospadal Thèarainte Ashworth ann am Merseyside an-raoir. Bha Keith Bennet dusan bliadhna de dh'aois nuair a mhuirt Brady agus Myra Hindley e ann an 1964.