Ceannard is Fear-Gairm ChnES gan ainmeachadh

  • 16 An Cèitean 2017
Comhairle nan Eilean Siar

Chaidh Ruairidh MacAoidh ainmeachadh mar Cheannard ùr Chomhairle nan Eilean Siar.

Bhuanaich Mgr MacAoidh, a tha a' riochdachadh Cheann a Tuath Baile Steòrnabhaigh, baileat dìomhair 18 bhòt gu 13 an aghaidh Dhòmhnaill Mhanford.

Na bu tràithe den là chaidh Tormod A Dòmhnallach ainmeachadh mar Fhear-Ghairm ùr na Comhairle.

Bha Mgr Dòmhnallach, a tha na Chomhairliche ann an Sgìr' Ùig' an Leòdhas, san aon dreuchd air a' chomhairle mu dheireadh.

Chaidh baileat dìomhair a chumail sa Chomhairle madainn Dimàirt.

Bha comhairliche às an Rubha, Alasdair MacLeòid, cuideachd a' feuchainn airson na dreuchd.

Bhuannaich Mgr Dòmhnallach 20 bhòt gu 11.

Am measg eile, bidh aig a' Chomhairle seo ris na h-eileanan a stiùireadh tro bhuaidh Bhrexit, agus beachd ann gum faodadh a' Chomhairle seasamh sia bliadhna mus bi an ath thaghadh ann.

Tha sùil aig Uisdean Robastan ann an cathair Seirbhisean Còmhdhail, Aonghas MacCarmaig ann am foghlam, Aonghas Moireasdan ann an sgrùdadh, agus Dòmhnall Crichton ann an leasachadh maireannach.

Tha na còig comhairlichean neo-eisimeileach an Uibhist air aontachadh a thighinn ri chèile mar bhuidhinn, feuch am faigh iad air buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean a tha bualadh air an sgìre aca fhèin, agus dh'fhaodadh gun toir iadsan buaidh cuideachd air cò gheibh na h-àrd-dhreuchdan.