A dh'Amsterdam 's air ais an aon là

  • 16 An Cèitean 2017

Tha tuilleadh sheirbheisean làitheil eadar Port-Adhair Inbhir Nis agus Amsterdam air tòiseachadh.

Bhiodh iad seo a' ceadachadh do dhaoine falbh às Inbhir Nis agus tilleadh dhan Ghàidhealtachd às dèidh là slàn a chur seachad san Òlaind.

Thuirt a' chompanaidh KLM, a thòisich an t-seirbheis aca an-uiridh, gun robh na seirbheisean a bharrachd a' freagart air iarrtas a bh' ann air an son.