Comhairle ùr nan Eilean Siar

  • 16 An Cèitean 2017
Comhairle nan Eilean Siar

Tha dùil ri co-dhùnadh air cò gheibh àrd-dhreuchdan Chomhairle nan Eilean Siar feasgar Dimàirt.

Am measg eile, bidh aig a' Chomhairle seo ris na h-eileanan a stiùireadh tro bhuaidh Bhrexit, agus beachd ann gum faodadh a' Chomhairle seasamh sia bliadhna mus bi an ath thaghadh ann.

Aig an ìre seo, tha an Comh. Ruairidh MacAoidh à Steòrnabhagh air ùidh a nochdadh ann an dreuchd a' cheannaird, agus 's dòcha gun cuir a' bhuidheann SNP tagraiche na aghaidh.

Tha dithis ag iarraidh dreuchd an Fhir-Ghairm, Tormod Dòmhnallach a bha san dreuchd mar thà, agus an Comh. Alasdair MacLeòid às an Rubha.

A-rithist dh'fhaodadh tagraiche Nàiseantach a bhith ann cuideachd.

Ma chailleas Mgr Dòmhnallach, dh'fhaodadh gum feuch e airson cathair comataidh ùr airson Coimhearsnachdan is Taigheadas, agus ma chailleas Mgr MacLeòid, 's dòcha gum feuch e airson iar-chathraiche Comataidh Phoileasaidh is Stòrais.

Tha sùil aig Uisdean Robastan ann an cathair Seirbhisean Còmhdhail, Aonghas MacCarmaig ann am foghlam, Aonghas Moireasdan ann an sgrùdadh, agus Dòmhnall Crichton ann an leasachadh maireannach.

Tha na còig comhairlichean neo-eisimeileach an Uibhist air aontachadh a thighinn ri chèile mar bhuidhinn, feuch am faigh iad air buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean a tha bualadh air an sgìre aca fhèin, agus 's dòcha gun toir iadsan buaidh cuideachd air cò gheibh na h-àrd-dhreuchdan.