Ceum eile dha iomain anns na h-Eileanan an Iar

  • 16 An Cèitean 2017
Iomain

Tha iomain òigridh sna h-Eileanan an Iar a' gabhail ceum eile Dimàirt is Sgoil MhicNeacail a' cluich ann am farpais ann an Druim na Drochaid.

'S e seo a' chiad uair a chluicheas an sgoil anns an fharpais airson sgiobaidhean do shianar bho sgoiltean air feadh Alba.

Cuiridh Sgoil MhicNeacail dà sgioba dhan fharpais, is seo a' tighinn beagan sheachdainnean às dèidh dhaibh geama càirdeil a chluich ann an Alanais.

'S e fear de thidsearan na sgoile, Alasdair Lamont, a tha gan trèanadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e rud mòr dha-rìribh a th' ann dhuinn", thuirt Alasdair.

"Cha robh fiù 's sgioba againn ann an Sgoil MhicNeacail ron seo, agus dà sgioba a bhith againn 'son a dhol ann, 's e rud uabhasach mòr a th' ann dhuinn", thuirt e.

Bidh na h-Eileanaich a' cluich an aghaidh sgiobaidhean bho sgoiltean le eachdraidh làidir ann an iomain.

Tha fios aca nach bi e furasta, ach tha Alasdair Lamont cinnteach gun ionnsaich iad gu leòr.

"Tha mi an dòchas gur e cothrom math a bhios ann cluicheadairean eile bho air fealbh Alba fhaicinn, is dè an ìre a th' aig daoine aig an aois acasan.

"Is urrainn dhaibh faicinn dè cho math agus is urrainn dhaibh a bhith aig an aois sin", thuirt e.

Thuirt Mgr Lamont gu bheil e cuideachd a' feuchainn ri barrachd gheamaichean a chur air dòigh dhan òigridh anns na mìosan ri tighinn.