Innealan defibrillator ann an Siorrachd Rois

  • 15 An Cèitean 2017
Trèanadh Image copyright Other
Image caption Chaidh trèanadh a thoirt seachad leis a' charthannas Sgitheanach Lucky2BHere

Chaidh còig innealan defibrillator a cheannach le teachd-a-steach bho thuath-gaoithe Loch Luinngcheart ann an Siorrachd Rois.

Chaidh na h-innealan a chur an sàs ann an Taigh-òsta an Uillt Ghiuthais, Talla Ghairbh, Taigh-òsta Innis Beithe, Eaglais na h-Alba ann an Loch Luinngcheart agus talla Achadh na Sìne.

Chaidh trèanadh a thoirt do mu 40 de mhuinntir an àite air mar a chleachdadh iad na h-innealan leis a' charthannas Sgitheanach Lucky2BHere.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile