30 cosnadh ùr an Inbhir Nis

  • 15 An Cèitean 2017
Camara bhideo Image copyright Trevor Martin Photography
Image caption Cruthaichidh a' chompanaidh 30 cosnadh thairis air 3 bliadhna.

Cruthaichidh companaidh saidheans beatha às an Danmhairg 30 cosnadh ùr ann an Inbhir Nis thairis air trì bliadhna.

Cosgaidh Corporate Health International ApS £5.7m air an ionad ùr aca anns a' bhaile.

Bidh luchd-obrach an ionaid a' sgrùdadh dhealbhan bho chamarathan-bhideo beaga a bhios euslaintich a' slugadh.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' toirt seachad taic-airgid luach £600,000.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile