Cìs nam bionaichean donn

  • 15 An Cèitean 2017
Bionaichean
Image caption Bha cuid a' cur an aghaidh na cìse

Bhon 3mh là den Iuchar, feumaidh daoine cìs de £30 sa bhliadhna a phàigheadh ma tha iad airson 's gun tèid na bionaichean donn aca fhalamhachadh le luchd-obrach Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha na bionaichean sin gan cleachdadh airson sgudail gàrraidh leithid feur agus geugan.

Tha dùil gun tog a' chìs ùr £660,000 dhan Chomhairle, agus iad ag ràdh gur e an roghainn eile a bh' aca an t-seirbheis a stad buileach glan.

Thèid litir a chur a-mach chun an fheadhainn a tha a' cleachdadh na seirbheis ag innse dhaibh mar a phàigheas iad a' chìs, neo mar a leigeas iad fios nach eil iad ga h-iarraidh tuilleadh.

Thuirt a' Chomhairle gum faod duine fhathast an sgudal gàrraidh aca a thoirt chun an ionaid ath-chuairteachaidh as fhaisge orra an asgaidh.

Dhan fheadhainn nach eil deònach a' chìs ùr a phàigheadh, thèid na bionaichean aca a thoirt air falbh anns an Dùbhlachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile