Squash ann am Beinn nam Fadhla?

  • 15 An Cèitean 2017

Dh'fhaodadh nach fhada gus am faigh daoine cothrom squash a chluich ann am Beinn nam Fadhla a-rithist agus oidhirp ga dèanamh air an t-seann chùirt fhosgladh às ùr.

Bha cùirt squash aig luchd-obrach an RAF nuair a bha iad-san stèidhichte ann am Beinn nam Fadhla ach tha sin air a bhith dùinte a-nis bho chionn grunn mhath bhliadhnaichean.

Sheall sgrùdadh am measg an t-sluaigh gu bheil mu fhichead duine ann an Uibhist a dhèanadh feum de ghoireasan squash gu tric.

Obair leasachaidh

Chaidh lìog agus sgioba squash a stèidheachadh anns an eilean mu thràth, agus ged a tha obair-leasachaidh ri dheànamh air an togalach mus gabh a chleachdadh, tha a' chomataidh a th'air cul na h-iomairt an dòchas gum fosgail e an ceann mìos.

Tha Cè Dòmhnallach am measg na tha an sàs anns an iomairt ach tha e ag ràdh gu bheil tuilleadh airgid a dhìth orra fhathast.

"Tha a' chùirt squash fhèin aig ìre glè mhath ag innse na fìrinn ach tha solais ùr a dhìth oirnn agus tha iad sin rudeigin daor an ceannach agus an cur an sàs - cuideachd tha doras a' tighinn a-steach dhan togalach, tha sin feumach air trealaich obrach agus a-rithist cosgaidh sin beagan airgid."

"Tha rud neo dhà ri dhèanamh mus bi sinn air chothrom an t-àite fhosgladh suas agus beag air bheag tha sinn an dòchas gun tig beagan airgid bho thall 's a bhos airson sin a dhèanamh".

Tha dòchas ann cuideachd gum brosnaicheadh goireasan ùra barrachd dhaoine gu bhith ri eacarsaich.

"Rud sam bith, tha mi a' smaoineachadh, anns na h-Eileanan, a tha toirt air daoine a bhith nas fhalainne agus a bhith a' dèanamh eacarsaich, tha mi a' smaoineachadh gu bheil e airidh air taic".