Boireannach agus a mac air a dhol a dhìth

  • 15 An Cèitean 2017
Sandra Element and Aiden Hoggart
Image caption Cha deach Sandra Element agus a mac Aiden fhaicinn bho chionn seachdain.

Tha Poilis na h-Alba a' sireadh fiosrachaidh mu bhoireannach agus a mac a tha dhìth bhon dachaigh aca ann am Baile an Todhair air taobh sear Rois.

Cha deach Sandra Element, 54, agus a mac Aiden Hoggard, a tha 12, fhaicinn bho Dhiluain an 8mh là den Chèitean.

Chaidh fios a chur air na Poilis feasgar Dihaoine.

Thuirt na Poilis gun robh iad airson dearbhadh gu bheil iad sàbhailte.

Dh'fhaodadh gun do dh'fhàg iad am baile air còmhdhail phoblaich.

Thathas ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fònadh gu na Poilis air an àireamh-fòn 101.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile